Scots Gaelic translation

13 views
Skip to first unread message

Craig Cockburn

unread,
Mar 31, 2014, 4:30:06 PM3/31/14
to agile-manifes...@googlegroups.com
Translation of http://agilemanifesto.org/

Aithris-rùn air leasachadh bathair-bhog sgiobalta

Tha sinn a’ lorg dòighean nas fhearr airson bathar-bog a leasachadh is sinne ris an aon rud is a’ cuideachadh daoine eile ’ga dhèanamh. Ri linn na h-obrach seo, tha sinn a-nis a’ cur luach sna rudan a leanas:

Daoine is dàimh seach pròiseasan is innealan
Bathar-bog a tha ag obair seach docamaideadh mionaideach
Co-obrachadh le custamairean seach rèiteachadh chùmhnantan
Freagairt a thoirt air atharrachadh seach plana a leantainn

Ged a tha luach sna rudan air an taobh deas, tha sin ri ràdh gun cuir sinn luach nas motha sna rudan air an taobh chlì.


Na prionnsabalan air cùlaibh na h-aithrise-rùin sgiobalta

Tha sinn a’ leantainn nam prionnsabalan a leanas:

’S e riarachadh nan custamairean againn am prìomhachas as motha againn is sinne a’ sìor-libhrigeadh bathar-bog luachmhor tràth.

A’ cur fàilte air atharrachadh dhe na thathar ag iarraidh, fiù anmoch sa phròiseas. Cuiridh pròiseasan sgiobalta atharrachadh gu feum airson leas co-fharpaiseachd a’ chustamair,

A’ libhrigeadh bathar-bog a tha ag obair gu cunbhalach, eadar turas gach cola-deug agus turas gach mìos no dhà agus mar as giorra an t-eadaramh ’s ann as fhearr.

Feumaidh luchd-gnothachais agus luchd-leasachaidh obrachadh còmhla gach latha fad a’ phròiseict.

Tog pròiseactan le daoine brosnachail ’na theis-mheadhan. Thoir an àrainneachd is an taic dhaibh a dh’fheumas iad agus bi earbsa agad annta gun coilean iad an obair.

’S e còmhradh aghaidh ri aghaidh an dòigh as èifeachdaiche agus as tàbhachdaiche airson fiosrachadh a chur gu daoine a tha ann an sgioba luchd-leasachaidh no am broinn na sgioba fhèin.

’S e bathar-bog a tha ag obair am prìomh shlat-tomhais air an adhartas.

Tha pròiseasan sgiobalta a’ brosnachadh leasachadh seasmhach. Bu chòir gun urrainn dhan luchd-urrais, luchd-leasachaidh agus luchd-chleachdaidh sìor-chumail a’ dol aig an aon astar gu buan.

Bheir sìor-aire air barr-fhearbhas teicnigeach agus deagh-dhealbhadh piseach air an sgiobaltachd.

Tha simplidheachd -- meudachadh na h-obrach nach fheumar a choileanadh -- riatanach.

Èiridh an ailtireachd, na riatanasan is dealbhachdan as fhearr à sgiobannan a chumas rian orra fhèin.

Nì an sgioba cnuasachadh air dòighean nas èifeachdaiche gu cunbhalach agus cuiridh iad air gleus an giùlan aca fhèin d’ a rèir sin.


The return link at the bottom:
Till dhan aithisg-rùin


All translations by fi...@akerbeltz.org
I can confirm their accuracy and authenticity

Reply all
Reply to author
Forward
0 new messages