Gaelic Arts newsletter

1 view
Skip to first unread message

Fred Riley

unread,
Nov 23, 2007, 8:59:24 AM11/23/07
to Gaelic learners, Learners...@googlegroups.com
Hi a h-uile duine

For those who don't already know, you can sign up to a regular Gaelic Arts email, with events listings, interviews, features, and the rest of it, in either English or, as I'm sure you'll all prefer, Gaelic. It's a great way to keep in touch with what's going on culturally in the Gaidhealtachd, and practice your reading skills as well. It's produced by the publicly-funded Gaelic Arts Agency ( http://www.gaelic-arts.com/).

I've copied the last newsletter below. To sign up, go to:

http://visitor.constantcontact.com/optin.jsp?m=1101368618910&ea=

or to the Gaelic Arts website at http://www.gaelic-arts.com/

Siuthad! :)

Tìoraidh an-dràsda

Fred

---------- Forwarded message ----------
From: Kirstie Anderson <kir...@gaelic-arts.com>
Date: 7 Nov 2007 15:51
Subject: Dè tha dol?
To: fred....@gmail.com

If you would like to receive this in English please email quoting BEURLA. Please update your profile so we can send you the most relevant information about the Gaelic arts.
 
You may unsubscribe if you no longer wish to receive our emails.

dannsa Litir-naidheachd nan Ealan Gàidhlig
In This Issue
Cuir d' ainm ri seo...
Srathspè Away
A future for Gaelic film?
Fon phrosbaig
Ceol 's Craic
TAING MHÒR!

Tha sinn an dòchas gu bheil ar litir-naidheachd mhìosail a' còrdadh riut. Bu mhath leinn do bheachdan fhaighinn air mar a dh'fhaodamaid a dèanamh nas fheàrr.  Gabh 5 mionaidean airson do bheachdan a roinn leinn!

Mar thaing airson ar litir-naidheachd a ghabhail agus a bhith mar phàirt de choimhearsnachd nan ealan Gàidhlig, thèid gach neach a lìonas an ceisteachan goirid againn a chur a-steach a chrann duaise.   'S e an duais fo-sgrìobhadh bliadhna gu iris ded roghainn fhèin! Tha fios againn gu bheil thu airson a bhith a' cluinntinn mu nithean ùra agus a bhith a' faighinn nan naidheachdan as ùire air a lìbhrigeadh gu do dhoras. Dè mu dheidhinn World Soccer, Trail, Cosmopolitan agus Beautiful Homes?  'S ann agad-sa a tha an roghainn!!!!  Bidh sinn cuideachd a' tabhann cothrom dha fo-sgrìobhadairean ùra a thighinn a-steach dhan cho-fharpais seo gu deireadh na Samhna- cuairtich an naidheachd agus iarr air do charaidean fo-sgrìobhadh a thoirt a-mach ma tha thu den bheachd gum biodh ùidh aca ann!


Ùraich d' ìomhaigh
 
 
 
 
 
 
Iomagain mu ghibhtean na Nollaige air fhuasgladh an seo! 
Gluais gu luath gus dèanamh cinnteach gum faigh thu do làmhan air gibht shònraichte an t-seasain- 
Mìosachan Mòine 2008 Leòdhais!
peatCalander
Chaidh Mìosachan Mòine 2008 Leòdhais a dheasachadh gus cuideachadh le airgead a thogail dha Leukaemia Research agus tha e a' sealltainn gach ìre de dh'obair na mòine ann an Leòdhas, ga ghabhail os làimh le laoich an eilein is iad air an 'sgeadachadh' ann an dòigh caran annasach. Smaoinichibh air na daoine bochda sin a rùisg (cha mhòr) iad fhèin airson carthannais tro shamhradh a bha neo-àbhaisteach fuar!
Siuthad - tha fhios gu bheil thu ga iarraidh!
Rach gun làraich-lìn aig John Maclean airson tuilleadh fiosrachaidh
no cuir post-d gu
jockm...@talk21.com
 
Maoinichte le
Bòrd na Gàidhlig Website 
Cuir d' ainm ri seo
Join Our Mailing List
Dealbhan

Dealbhan bho còmhnaidheachd maoinichte GASD aig An Tuireann le Sarah Nic an t-Saoir.
an tuireann1
tuireann residency
tuireann
tuireann
tuireann

Tuilleadh dhealbhan.

Joy Dunlop  
air  Mariah Carey agus a bhith na Gladiator! 
    * Chan eil e fasanta ach 's toil leam - òrain na Nollaige! 'S e "All I want for Christmas" le Mariah Caray agus "Feed the world" le Band Aid an fheadhainn as fheàrr leam!!!
    *Nuair a bha mi òg bha mi ag iarraidh a bhith -
iomadh rud eadar-dhealaichte-dannsair, seinneadair, Gladiator, paramedic, cleasaiche, a' faighinn an duais "Nobel", dotair
   *Cha biodh fios agad ach  - chan toil leam idir a bhith a' còcaireachd - ach 's fìor thoil leam a bhith ag ithe!!!
    * Bhiodh ceòl mo bheatha -
gu math measgaichte! Dh' fheumadh ceòl traidiseanta, ceòl pop "càiseach", power ballads agus òrain Disney uile a bhith ann!
* B' e an turas mu dheireadh a bha mi a' caoineadh - 
aig a' phàrtaidh agam mus do dh' fhàg mi Màbu-thug iad tiodhlacan dhomh agus cha b' urrainn dhomh sguir a' rànaich-nach mi a bh' air mo nàireachadh!
Sgrùdadh Luchd-amais
claire

Thuirt an optometrist Canàidianach, Claire Whyman, seo mu The Callanish Stoned -

"Dha neach nach eil às an àite agus neach gun Ghàidhlig, bha The Callanish Stoned na dheagh shealladh èibhinn mu a bhith a' fàs suas ann an Innse Gall." 

BHEIL CÀIL AGAD RI RÀDH?
'S e earrann ùr den litir-naidheachd a tha seo far a bheil sinn airson ur beachdan a chluinntinn!  Bheil thu air a bhith aig tachartas ealain Gàidhlig o chionn ghoirid - rud sam bith a th' air còrdadh gu mòr riut, no a dh'fhàg thu a' faireachdainn dubhach.....Inns dhuinn mu dheidhinn agus cuiridh sin ann an litir-naidheachd na h-ath mhìos e. Dìreach cuir post-d gu  Kir...@gaelic-arts.com .
dancing shoesAn robh dùil agad gum biodh cùisean sàmhach san t-Samhain? 'S iad nach bi! Cumaidh oidhcheannan club, cèilidhean is fèisean dannsa air do chasan thu air na h-oidhcheannan gus an tig an geamhradh. Tha 'n t-àm ann do bhrògan-dannsa a thoirt a-mach!

Na dìochuimhnich fiosrachadh a thoirt dhuinn le bhith a' lìonadh a' cheisteachain ghoirid air-loidhne againn agus a' cur d' ainm a-steach dhan chrann duaise!
Get down and boogie!!

Tha fèis dhannsa is chiùil Srathspè Away a' cur fàilte air grunn thuitearan is chluicheadairean ùra am-bliadhna airson a' chòigeimh fhèis bhliadhnail.
 Tha an fhèis, a th'air a cur air chois le Dannsa, a' bhuidheann dannsa-ceum àlainn, a' ruith bho 9 gu 11 Samhain ann an Cinn a' Ghiùthsaich.

freshmessTha an deireadh-sheachdain a' gealltainn a bhith sònraichte le co-obrachadh eadar an Fhèis is
 ' Dancebase' à Dùn Èideann.  Tha tuitearan, agus a' bhuidheann Hip-hop Freshness, a' dèanamh an slighe gu tuath. Gabhaidh Freshness chun ùrlair oidhche Shathairne airson an t-sròdhalachd mhòr, a' càraideachadh ri Dannsa airson a' chiad uair.

Cèilidhean, clasaichean, seinn is òraidean - tha Dannsa a' gealltainn rudeigin a gheuraicheas càil luchd-leantainn dannsa is ciùil, a thuilleadh air fàilte chridheil don fheadhainn nach eil ach airson nochdadh ann an aon chlas, no a thighinn gu na consairtean oidhche. 

Chì an fhèis cuideachd a' Ghàidhlig a' togail ìomhaigh nas àirde le clasaichean  Gàidhlig is Puirt-a-beul gan tabhainn a thuilleadh air cothrom a' Ghàidhlig ionnsachadh is a bhruidhinn aig amannan eile; Thèid bòrd-cofaidh Gàidhlig a chur air chois aig eadar-amannan!

Chaidh an fhèis a mhaoineachadh le Gàidhealtachd 2007, Comhairle Ealain na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Gàidhlig sa Choimhearsnachd is Fionnar.

Fiosrachadh a bharrachd ri fhaighinn bho Sandra Robertson air 01540-661594 no 07786454470 no air www.dannsa.com .

A future for Gaelic film?

Gaelic Panel Discussion, 17mh Samhain 4f

film reelBidh Iseabail NicIllinnein bho BBC Alba sa chathair aig an deasbad, agus am measg na feadhna air a' phannal tha Simon Miller is Aonghas Pàdraig Caimbeul, an stiùiriche agus am prìomh chleasaiche bho Seachd, Nona NicDhiarmaid agus Aonghas MacLeòid, an riochdaire agus am prìomh chleasaiche bho Faire Chalum MhicLeòid.

Tha film Gàidhlig air a bhith a' nochdadh sna naidheachdan tòrr sa bhliadhna sa ri linn an fhilm Seachd le Simon Miller a thàinig a-mach. A bharrachd air sgrionadh an fhilm seo, tha FFI a' gabhail a' chothruim am film aig Mike Alexander bho 1993 Às An Eilean a shealltainn a-rithist, agus tha e na thoileachas mòr dhuinn am film Gàidhlig goirid bho Alba Nuadh Faire Chaluim MhicLeòid a shealltainn airson a' chiad uair san Rìoghachd Aonaichte. Bheir an còmhradh pannail riochdairean fhilmichean agus luchd-labhairt na Gàidhlig còmhla gus bruidhinn mu chùisean co-cheangailte ri filmichean nam mion-chànan. Dè an t-àite a dh'fhaodadh a bhith aig film ann a bhith gleidheadh agus ag adhartachadh na Gàidhlig? An gabh dualchas beòil-aithris a riochdachadh gu ceart tro mheadhan lèirsinneach fhilmichean? Ciamar a nithear margaideachd air filmichean Gàidhlig dhan t-saoghal mhòr a-muigh? Tha fàilte ron a h-uile duine pàirt a ghabhail san deasbad chudromach seo. Thigibh agus èistibh ri ar pannal eadar-nàiseanta de dh'eòlaichean, agus thoiribh ur beachdan fhèin!


Eden Court
Fon phrosbaig - Joy Dunlop!

Feumaidh gur h-e Joy Dunlop an neach as trainge ann an Alba. A bharrachd air a bhith na h-oifigear leasachaidh airson a' Chomuinn Ghaidhealaich, bidh I a' seinn gu proifeiseanta, a' sgrìobhadh airson a' Gàidheil Ùir, a' stiùireadh còisir fhear agus tha I na ball de 3 còisearan Gàidhlig [Atomaig Piseag agus Coisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt-mnathan agus a' chòisir slàn] Cuideachd tha I air tilleadh bho shia mìosan ag obair ann an Canada! Bhruidhinn sinn rithe gu luath as dèidh Mòd Nàiseanta na bliadhna seo!  

Dè an rud a b' fheàrr leat mun Mhòd am bliadhna?
Joy mod Hmmm tha sin duilich! Mar chuideigin a tha fìor dhèidheil air a' Mhòd tha a h-uile pìos dheth a còrdadh rium ach a thaobh farpaisean, tha mi air leth pròiseil mar a rinn na còisearan agam. Bidh mi a' seinn le agus a' teagaisg Gàidhlig do Chòisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt agus fhuair sinn a' chiad àite agus na duaisean Gàidhlig agus Ciùil am bliadhna san fharpais Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim Mhic a' Mhaighstir Chaimbeul. B' e seo a' chiad turas agam Gàidhlig a dhèanamh airson còisir agus bha eagal mo bheatha orm nach còrdadh mo chuid Ghàidhlig ris na britheamhan-'s math nach do thachair sin! Cuideachd fhuair na fireannaich agam "Còisir Ceann an Tuirc" duais airson a' chiad turas [2nd duais agus an duais ciùil leis na GGs] agus tha sinn uile air bhioran mu dheidhinn seo! 

Mar phàirt de Iomall a' Mhòid rinn sibh taisbeanadh mun turas agaibh a Chanada-an innis thu beagan dhuinn mu dheidhinn airson feadhainn nach robh ann? 
FEIS MABOU
Chaidh cothrom a thoirt dhomh obrachadh le buidheann choimhearsnachd ann an Ceap Breatainn air a bheil fèis Mhàbu. Bha mi a' brosnachadh agus a' dealbhachadh cànan, cultar agus òrain na Gàidhlig le clann agus inbhich agus chòrd e rium glan. Dh' fhurich mi airson sia mìosan leis cho mòr a chòrd e rium agus bha am pròiseact air leth soirbheachail, bha barrachd air 140 pàiste an sàs ann gu lèir agus inbhich gu leòr cuideachd. Thug e brosnachadh cudromach don Ghàidhlig sa sgìre, rud air a bheil sàr fheum. Cuideachd rinn mi oidhirp mo bhogadh fhìn sa chultar aca 's mar sin chaidh mi gu gach dannsa, cèilidh agus partaidh sa sgìre, bha e mìorbhaileach. Feumaidh mi leisgeul eile a lorg a-nis a dhol ann a-rithist!

Bha Atomaig Piseag trang aig a' Mhòd cuideachd! Dè bha sibh ris sa Ghearasdan? 
Chlàraich sin a' chiad chlàr againn air a bheil "Piseag Gu Leor" agus bha partaidh againn sa Ghearasdan airson a chur a-mach oidhche Haoine. Bha sin fìor mhath agus gu math spòrsail-tòrr òrain, dhibhearsain agus deochan làidir an asgaidh! Tha e duilich dhuinn mar chòisir sgìreil a h-uile duine a choinneachadh còmhla ach nuair a thachras e-thoir an aire! B' e sàr oidhche a bh' ann le ar caraidean agus chuir e deagh chrìoch air a' Mhòd dhuinn-agus ma tha ùidh aig duine sam bith sa chlàr, cuir fios thugam agus 's dòcha gum faigh sibh deagh bhargan! 

A bharrachd air sin, bidh sibh a' seinn nad aonar-ciamar a tha sin a' dol?
Bha a' bhliadhna seo air leth dhomh, bha mi gu math trang a' seinn agus a' teagaisg agus tha mi cho taingeil gun d' fhuair mi na cothroman ud. Bha mi fìor thrang ann an Canada a' seinn agus a' cèilidh le muinntir agus bha sin sònraichte math agus cuideachd fhuair mi cothrom a dhol air ais a-null son pàirt a ghabhail an fhèis eadar-nàiseanta "Dathan Cheilteach". Chòrd sin rium glan fhèin. A thaobh a' Mhòid bha mi glè thoilichte farpais an Òrain Mhòir a bhuannachadh agus an darna àite fhaighinn ann am farpais a' Bhuinn Òir am bliadhna seo. Bha an fharpais sin gu math eagallach dhomh ach chòrd e rium a bhith mar phàirt dheth. Feumaidh mi meallaibh ur naidheachd a thoirt dha Sìne NicAoidh agus Seumas Greumach a ghlèidh an fharpais am bliadhna- 's math a rinn sibh agus nach sibh a tha airidh air! 


Thathas ag ràdh gur h-e pìos a th' annad - ciamar a tha e a bhith nad "Mhòd babe?"
Hahahahahahahaha, pìos, mise?? Feumaidh nach fhaca sibh a' chiad char sa mhadainn mi!!! 'S toil leam ged-thà am beachd a tha air cùlaibh nam "Mod Babes" leis gu bheil e a' dearbhadh gu bheil taobh spòrsail agus beòthail aig a' Chomunn. Airson cus bhliadhnaichean bha daoine a' coimhead oirnne mar bhuidheann sheann-fhasanta agus 's dòcha gun seall seo dhan mhòr-shluagh gu bheil am Mod agus ACG freagarrach dhan a h-uile duine, òg agus sean. Chuir sinn bràistean ri chèile am bliadhna le abairtean orra- Mod Babe, Mod Pride, Suas leis a' Mhòd and Moiteil as a' Mhòd. Bha iad cho soirbheachail nach robh gin dhiubh air fhàgail as dèidh a' chiad deireadh-sheachdain! Tha mi an dòchas barrachd dhiubh a dhèanamh airson feadhainn a tha gan iarraidh agus saoilidh mi gur h-e dòigh glè mhath a th' annta airson am Mod a bhrosnachadh- chunnaic mi bodach mu 80 bliadhna a dh' aois le bràiste "Mod Babe" air agus shaoil mi gun robh sin dìreach sgoinneil!
Nach tigeamaid còmhla !


Tha oidhcheannan club Gàidhlig a' dol gu math fhad 's a tha sinn a' dlùthachadh ris a' gheamhradh. Ma tha thu a' fuireach am meadhan na h-Alba faigh a-mach mun deidhinn!!

ceolscraic Tha Ceol 's Craic AIR AIS!
Biodh dùil agad ri measgachadh mìorbhaileach de Ghàidhlig Albannach is Èireannach airson cuspair na mìos-sa- Eirinn 's Alba.

Thig an cuideachd Maeve NicFhionghuin agus a caraidean bho shaoghal ceòl is ealain na h-Alba is na h-Èireann. Tha tàlant iongantach an t-seinneadair òig, Maeve NicFhionghuin, air aithne fhaighinn air feadh Alba agus thar a crìochan le foillseachadh a' Chlàir ùir aice,  'Don't sing Love Songs'. Tha Celtic Connections air a' Chlàr ainmeachadh mar 'Classic Album for 2008'. Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun rionnaig adhartaich seo seall ri  myspace aice.

poet Còmhla ri Maeve bidh am bàrd ainmeil à Beul Feirste,  Gearóid Mac Lochlainn, an t-seinneadair seann-nòis cliùiteach, Gearóidín Bhreathnach agus aoighean.

Deit shònraichte airson do leabhar-là ; airson oidhche loma-làn de dhualchas, sgeulachdan is òrain  Èireannach is Albannach.  
**** 17mh Samhain 2007,  
CCA, Sràid Sauchiehall, Glaschu. 
8f.Prìsean Thiocaid: £6.****  
 
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fòn gu 0141 332 8891 no cuir brath thugainn gu
làrach-lìn myspace. Airson tiocaidean èarlaiseachadh cuir fòn gu oifis-thiocaidean CCA air : 0141 352 4900. 

Am Bothan

Bha Bothan a' coinneachadh Dihaoine sa chaidh (2 Samhain) aig
8.30f shuas an staidhre anns am "Meadow Bar", Rathad Buccleuch, Dun Eideann,
nuair a bha sàr-sheinneadairean agus luchd-ciuil Ruairidh Caimbeul
(Barraigh) agus Don MacCoinnich (Leodhas) comhla rinn. 

Bithear a' tilleadh chun Bhothan a-rithist toiseach na h-ath bhliadhna anns an aon àite.  Cha bhi Bothan a' cruinneachadh a' chiad Dihaoine den Dubhlachd (7mh) seach gu bheil cuirm mhor ann an Talla St Bride's le 'Meantime' - tuilleadh fiosrachaidh ri thighinn mun sin.

Tha mi an dòchas gun chòrd an litir-naidheachd-d seo ribh. Cuiribh fios a dh'innse dhomh ma tha càil ann bu mhiann leibh fhaicinn innte, neach sam bith bhom bu mhiann leibh cluinntinn no nì sam bith bu toigh leibh a chur a-steach innte!

Le gach deagh dhùrachd,

Ciorstaidh Nic Anndrais, Manaidsear Leasachaidh Luchd-èisteachd
Gaelic Arts Strategic Development (GASD) Forum
Kir...@gaelic-arts.com
01851 704493

This email was sent to fred....@gmail.com , by kir...@gaelic-arts.com
GASD | 10 Shell Street | Stornoway | HS1 2BS | United Kingdom


--
Seachd: The Inaccessible Pinnacle, the Scottish Gaelic film – NOW ON RELEASE!

"Gaelic is set to make a cinematic comeback" The Times

Official site: http://www.seachd.com
Official blog: http://seachd.typepad.com
Reply all
Reply to author
Forward
0 new messages