Fwd: Dè tha dol? - Gaidhlig

2 views
Skip to first unread message

Fred Riley

unread,
Mar 17, 2009, 1:21:07 PM3/17/09
to Gaelic learners, Learner's Gàidhlig Group
Hi a h-uile duine

I thought folk here might be interested in the latest Gaelic arts newsletter. See in particular the article about mygaelic, (yet) another Gaelic site for us to bookmark.

Tìoraidh

Fred

---------- Forwarded message ----------
From: Doras na h-Ealain Gaidhlig / Gaelic Arts Portal <kir...@gaelic-arts.com>
Date: 2009/3/13
Subject: Dè tha dol? - Gaidhlig
To: fred....@gmail.com


If you have received this in the wrong language, please email quoting "GAIDHLIG", "ENGLISH" or "BILINGUAL"
 
You may unsubscribe if you no longer wish to receive our emails.
GASD



Litir-naidheachd nan Ealan Gàidhlig
Gaelic Arts Newsletter

Dealbh: Na Rionnagan aig Seinn thu Fhein

Alastair Wight
Am Mart - March 2009
Cothroman-Obrach
Na tha na paipearan ag radh
Fon Phrosbaig...Bi Beò
Dè tha dol?
Cothroman-Obrach
Job Vacancies

Ceannard
Bord na Gaidhlig
Leugh Tuilleadh

Crafts Officer
 Scottish Arts Council

Visual Arts Residency
City of Edinburgh Council
Read more
Cluinn an seo an toiserach e!
Bi am measg a' chiad fheadhainn a leughas naidheachdan Gàidhlig ann am brath-d seachdaineach a thèid dìreach a-steach nad in-bhogsa. 

Ceanglaichean gu artaigilean san Telegraph, The Times, The Herald agus an Scotsman, ag ainmeachadh dìreach corra phàipear ... an d' fhuair thu 5 ceistean dha Julie Fowlis sa Mhetro...?faigh an seo iad. Gheibh thu na naidheachdan as ùire an seo. 
"Na tha na pàipearan ag ràdh"
 a tha thu airson soidhneadh airson seo cuir fios thugam no ùraich d' ìomhaigh agus cuir d' ainm a-steach airson "Na tha na pàipearan ag ràdh".

Join Our Mailing List
Fon Phrosbaig
Bi Beo
Bi Beò

Fhuair sinn grèim air a' chòmhlan Ghàidhlig BiBeo airson barrachd fhaighinn a-mach mun chòmhlan, mun cheòl aca agus mu na planaichean a th' aca airson an ama ri teachd...Leugh an agallamh slàn an seo..
Maoinichte le -
Funded by

bng logo



sac logo
Ceanglaichean
Dè tha dol?


Seinn thu Fhein
karaokeTha an DVD karaoke Gàidhlig, Seinn thu fhèin, ris an robhar a' feitheamh, ri fhaighinn a-nis. Chaidh an DVD a chur air bhog ann an Glaschu aig tachartas sònraichte de Celtic Connections le Michelle Mhoireasdan agus Na Rionnagan - bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Chaidh foillseachadh eile a chur air dòigh gu h-ionadail ann an Colaisde a' Chaisteil sa Ghearran le Còisir Ghàidhlig Lacasdail a' tòiseachadh air an t-seinn agus luchd-ionn
Rach air-loidhne agus seinn còmhla ri seinneadairean ùra karaoke airson 30 diog no
gabh misneachd agus òrdaich an DVD air-loidhne !

 mygaelic
Chaidh an làrach ùr Ghàidhlig, mygaelic, a chur air bhog cuideachd sa Ghearran. Tha mòran deasbaid air a bhith a' dol mu chosgais is buntainneachd na làraich ach tha sinne den bheachd gu bheil i fìor mhath agus mar sin carson nach fheuch thu oirre agus nach dèan thu d' inntinn fhèin suas. . Faodaidh tu clàradh, a dhol dhan choimhearsnachd, do chuid fhèin a chur suas oirre agus a dhol a-steach airson farpaisean. 
. Read more ...


RAPAL - Farpais òrain ùr Ghàidhlig eile !
Tha sgioba Rapal air leth toilichte an treasamh Farpais Orain RapalUr Ghaidhlig aca a chuir air bhonn. Chaidh  a chuir an ceill gu h-oifigeal air Rapal Tbh bho chionn ghoirid agus tha an sgioba gu leir a coimhead air adhart ri bhi a cluinntinn na h-orain ur a bhios daoine a cuir thuca.  Tha gu leor a dh'fheuch air an fharpais roimhne seo air nochdadh air Rapal Tbh 's ma tha na chunnaic sibh agus na chuala sibh air ur misneachadh, 's ma tha thu fhèin air a bhith a' beachdachadh air òrain le dreach ùr a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, seo agad deagh chothrom toiseach tòiseachaidh a dhèanamh! Leug tuilleadh

FimG WinnersFilmG
A' bruidhinn mu fharpaisean, ma chaill thu e, dh'fhoillsich FilmG buannaichean farpais an fhilme ghoirid aca o chionn ghoirid. Chaidh còrr air 50 film math a chur a-steach agus fhuair na buannaichean an duaisean aig cuirm ann an Eden Court.
Chì thu na filmean a bh' anns a' chuairt dheireannaich aig FilmG.

Mach 10 - 9th - 14th March

Mach 10Bidh an dara fèis Mach ann an Deich a' gabhail àite. Tha an fhèis dhràma Ghàidhlig fad seachdain loma-làn de thaisbeanaidhean is bùthan-obrach dha sgrìobhadairean, cleasaichean agus dhan fheadhainn a tha dìreach a' tòiseachadh. Faigh a-mach mu na tachartasan air-loidhne. 
See footage from the 2007 festival.



World Storytelling Day 2009
Na dìochuimhnich gur e World Storytelling Day a th' ann air 20 Màrt am-bliadhna agus 's "Nàbaidhean" an cuspair a th' ann. Faodaidh tu tachartas a chur air dòigh no dìreach sgeulachd innse dha cuideigin. 
Tadhal air an làraich-lìn airson tuilleadh fhaighinn a-mach.



Hebridean Celtic Festival
THCF hathas dìreach air innse cò a bhios a' cluich aig Fèis Cheilteach Innse Ghall. Bidh an fhèis ann bhon 15mh - 18mh Iuchar am-bliadhna ann an Steòrnabhagh. 'S iad na prìomh luchd-ciùil Ceilteach air a bheil fios ... 
The Sharon Shannon Big Band, La Bottine Souriante, Michael McGoldrick Band, Blair Douglas Band, The Wilders, Karen Matheson, Fred Morrison and Le Vent du Nord. Rach gu HebCeltFest.


Gaidhlig ann an Lunnain
Tha gu leòr a' dol air adhart ann an Lunnainn am-bliadhna -
thoir a-nuas an clàr-ama aca airson Tachartasan an Earraich ann an seo. 

Tha mi an dòchas gun chòrd an litir-naidheachd-d seo ribh. Cuiribh fios a dh'innse dhomh ma tha càil ann bu mhiann leibh fhaicinn innte, neach sam bith bhom bu mhiann leibh cluinntinn no nì sam bith bu toigh leibh a chur a-steach innte!
 
Kirstie
Le gach deagh dhùrachd
Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-èisteachd
Gaelic Arts Strategic Development (GASD) Forum
Kir...@gaelic-arts.com
01851 704493
Safe Unsubscribe
This email was sent to fred....@gmail.com by kir...@gaelic-arts.com.
GASD | 10 Shell Street | Stornoway | HS1 2BS | United Kingdom

Reply all
Reply to author
Forward
0 new messages