Fwd: An Cùrsa Adhartais 2007-2008 - Clàradh

5 views
Skip to first unread message

Fred Riley

unread,
Jul 25, 2007, 12:15:53 PM7/25/07
to Gaelic learners, Learners...@googlegroups.com
A bit short notice, but this might be of interest to those of you
who've taken An Cursa Inntrigidh, or have an intermediate grasp of
Gaelic. The closing date for Cursa Adhartais applications is 3rd
August. Queries to Liz, of course - I'm just the messenger.

And if you're wondering about the asterisks, that's down to the 'smart
quotes' in Microsoft Word... ;-\

Tìoraidh

Fred

---------- Forwarded message ----------
From: Cursa Inntrigidh <sm0...@groupwise.uhi.ac.uk>
Date: 25-Jul-2007 09:42
Subject: An Cùrsa Adhartais 2007-2008 - Clàradh
To: Cursa Inntrigidh <sm0...@groupwise.uhi.ac.uk>


A (bhana) charaid chòir,

Tapadh leat airson ùidh a shealltainn sa Chùrsa Adhartais agus airson
d* fhoighidinn fhad* s a tha an cùrsa air a bhith a* faighinn
dearbhadh.

Tha fiosrachadh ùr ri fhaighinn a-nis air ar làraich-lìn
www.adhartas.smo.uhi.ac.uk . Tha e cudromach gu bheil thu a*
leughadh an fhiosrachaidh air fad, a* gabhail a-staigh an
Leabhair-làimhe agus a* chlàir-ama.

Bidh an Cùrsa Adhartais a* tòiseachadh 27mh Lùnastal 2007, le
Seachdain 0 (Seachdain Inntrigidh Air-loidhne) a* gabhail àite an
t-seachdain a* tòiseachadh Diluain 13mh Lùnastal 2007. A chionn *s
nach eil ach beagan àiteachan ri fhaighinn air a* chùrsa, thèid àite a
thoirt do dh*oileanach a rèir an latha a tha i/e a* clàradh gus an
cùrsa a dhèanamh. Gheibh an fheadhainn a tha soirbheachail tairgse le
cùmhnant no gun chùmhnant, a rèir suidheachadh gach oileanaich.

Gheibh na h-oileanaich a chuir crìoch shoirbheachail air a* Chùrsa
Inntrigidh sa bhliadhna acadaimigich 2006-07 tairgse gun chùmhnant air
a* Chùrsa Adhartais.

Gheibh na tagraichean a chuir crìoch air a* chùrsa roimhe seo tagradh
le cùmhnant agus bidh aca ri agallamh labhairteach a dhèanamh gus
dearbhadh gu bheil iad aig an ìre riatanach gus tighinn a-steach dhan
chùrsa an dàrna cuid aig Modal 1, neo aig Modal 3. Faodaidh an
fheadhainn a tha sa bhuidhinn seo tòiseachadh air a* chùrsa aig Modal
1 ach ma dh*fhaoidte gu bheil iad airson tòiseachadh aig Modal 3.

Air neo, faodaidh oileanaich tighinn air a* chùrsa aig Modal 1 le aon
teisteanas Àrd-ìre , neo na tha co-ionnan ris, agus a bharrachd feumaidh
iad measadh sgrìobhte agus agallamh labhairteach a dhèanamh gus faighinn
a-mach a bheil an t-ionnsachadh a rinn an tagraiche gu ruige seo
co-ionnan san fharsaingeachd ris an ìre riatanach. Gheibh oileanaich sa
bhuidhinn seo tairgse le cùmhnant cho fad *s a nì iad an gnothach leis
na measaidhean gu h-àrd. (Airson tuilleadh fiosrachaidh nach coimhead
thu an Leabhar-làimhe air na tha riatanach gus faighinn air a*
chùrsa.)

Ma bhios oileanach le tairgse gun chùmhnant neo-shoirbheachail san
agallamh (neo measadh far a bheil seo riatanach), thèid an tairgse a
thoirt air ais. Às dèidh seo, ma bhios an cùrsa làn, gheibh oileanach
eile air an liosta-feitheimh an t-àite seo.

Airson àite fhaighinn air a* Chùrsa Adhartais sa bhliadhna 2007-08,
nach lìon thu am foirm-iarrtais a tha ceangailte agus cuir air ais
thugainn e cho luath *s a ghabhas ro 3 An Lùnastal 2007. Cuiridh sinn
post-d thugad ro 7 An Lùnastal 07 gus leigeil fios dhut dè tha air
tachairt leis an iarrtas agad. Chan fhaigh iarrtasan às dèidh 3 An
Lùnastal beachdachadh.

Thank you for your interest in An Cùrsa Adhartais and for your patience
while the Course has been going through validation.

Course information has now been updated and is available on our website
at www.adhartas.smo.uhi.ac.uk .Please ensure you read all the
information, including the Course Handbook and the course timetable.

An Cùrsa Adhartais is due to start on 27 August 2007, with Seachdain 0
(Online Induction Week) taking place the week beginning Monday 13th
August. As we have a limited number of places on the course, students
will be selected on a first come first served basis and will be given a
conditional or unconditional offer, depending on their circumstances.
Students who successfully completed An Cùrsa Inntrigidh in the academic
year 2006-7 are eligible for entry to the course on an unconditional
basis.
Applicants who completed the course prior to the academic year 2006-7
are eligible for a conditional offer and will be required to undertake
an oral interview to ascertain if they are at the pre-requisite level
for entry to the course, either at Module 1 or Module 3. Students who
fall into this category are eligible to start the course at Module 3 but
may choose to start at Module 1.
Alternatively, students may be permitted entry to the course at Module
1 with one Higher or equivalent plus successful completion of a written
assessment and oral interview to gauge whether the applicants* prior
learning is broadly equivalent to the pre-requisite level. Students in
this category will be given a conditional offer subject to meeting these
criteria. (See *Entry Requirements* in the Course Handbook for more
details.)
If a student with a conditional offer is unsuccessful in the interview
(or assessment where relevant), the offer will be withdrawn. If the
course is oversubscribed, that place may then be offered to another
student.
If you wish to apply for a place on An Cùrsa Adhartais in the academic
year 2007 - 2008 please complete the attached application form and
return it to us as soon as possible and no later than 3 August 2007. We
will e-mail you by 7 August 2007 to let you know the outcome of your
application. Applications received after 3 August cannot be considered.

Le deagh dhùrachdan

Liz NicIlleathainn
Neach-Rianachd Àrd-Ìre


Cùrsaichean air Loidhne
Foghlam Fad Beatha
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: ++44 (0)1471 888 449

--
Seachd: The Inaccessible Pinnacle, the Scottish Gaelic film – COMING SOON!

"Gaelic is set to make a cinematic comeback" The Times

Official site: http://www.seachd.com
Official blog: http://seachd.typepad.com

Cùrsa Adhartais Foirm-iarrtais 2007-2008.doc
An Cùrsa Adhartais -fiosrachaidh 2007-2008.doc
Reply all
Reply to author
Forward
0 new messages